Clàr-ama na Co-labhairt

http://www.smo.uhi.ac.uk/A-Cholaiste/Naidheachdan/somhairle/index_gd.html

Ainmeil Thar Cheudan

Comharrachadh Ceud Bliadhna bho rugadh Somhairle MacGill-Eain

Diciadain 15 –  Disathairne 18 Ògmhios 2011

Mar  chomharrachadh air ceud bliadhna bhon rugadh Somhairle MacGill-Eain (1911 –  1996), tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus an t-Ionad  Albannach airson Sgrùdaidhean Eilein aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba a’ toirt cuiridh dhuibh tighinn còmhla rinn aig comharrachadh de bheatha,  de  shaothair agus de  na dh’fhàg e mar dhìleab.Am measg nan urramach ionadail, nàiseanta is  eadar-nàiseanta a bhios a’ nochdadh ann, bidh Liz Lochhead, a chaidh a chur an  dreuchd o chionn ghoirid mar Bhàrd-molaidh na h-Alba agus Aonghas MacNeacail. Bidh cuideachd an t-Ollamh Douglas Gifford, Timothy  Neat, an t-Ollamh Máir Ní Annracháin agus Crìsdean MacIlleBhàin.

Gheibhear fuireach aig a’ Cholaiste airson  £275 le trì oidhcheannan, biadh agus dìnneir na co-labhairt sa phrìs. Cosgaidh  e £35 a bhith an làthair gach latha as aonais cosgais àite-fuirich agus tha  prìsean sònraichte ann do dh’oileanaich.

Ma tha sibh ag iarraidh àite a bhucadh aig  a’ cho-labhairt lìonaibh AM FOIRM AIR LOIDHNE seo a-steach no cuiribh fios gu  Sandra Byrne air 01471 888 000 no air post-d.

Leave a comment